Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Anns an uair sin fhèin thàinig a‑mach meòir làmh duine, agus sgrìobh iad thall fa chomhair a’ choinnleir, air aghaidh balla lùchairt an rìgh; agus chunnaic an rìgh a’ chuid den làimh a sgrìobh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

Chuala rìgh Bhàbiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag: ghlac àmhghar e, goimh, amhail mnà ri saothair.

Am feadh a bha am facal ann am beul an rìgh, thuit guth o nèamh, ag ràdh, O rìgh Nebuchadnesair, riutsa tha e air a labhairt, Tha an rìoghachd air dealachadh riut.

Air an uair sin fhèin choileanadh an nì sin air Nebuchadnesar; agus bha e air fhògradh o dhaoine, agus dh’ith e feur mar dhaimh, agus bha a cholann fliuch le dealt nèimh, gus an d’fhàs a fhionnadh mar iteach na h‑iolaire, agus a iongannan mar spuirean eun.

Agus a‑nis thugadh na daoine glice, na speuradairean, a‑steach am fhianais, a‑chum gun leughadh iad an sgrìobhadh seo, agus gun tugadh iad dhòmhsa fios air a bhrìgh: ach cha b’urrainn iad brìgh na cùise fhoillseachadh.

Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche.

An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile.

An sin thàinig uile dhaoine glice an rìgh a‑steach; ach cha b’urrainn iad an sgrìobhadh a leughadh, no fios a thoirt don rìgh air a bhrìgh.

A’ dubhadh a‑mach làmh-sgrìobhadh nan òrdaighean dar taobh-ne, a bha nar n‑aghaidh, agus thug e as an t‑slighe i, air dha a sparradh ri a chrann-ceusaidh-san:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan