Gidheadh, thig an dà nì seo ort gu h‑obann, ann an aon là, call cloinne, agus bantrachas; thig iad ort nan làn tomhas, airson lìonmhorachd do dhraoidheachdan, agus iomadalachd do ghisreagan.
Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna.
Geuraichibh na saighdean; cruinnichibh na sgiathan; dhùisg an Tighearna suas spiorad rìghrean Mhedia; oir tha a rùn an aghaidh Bhàbiloin, a‑chum a sgrios: gu deimhinn is e dìoghaltas an Tighearna a tha ann, dìoghaltas a theampaill.
Greasaidh fear-ruith gu luath an còdhail fir-ruithe, agus teachdaire an còdhail teachdaire, a dh’innse do rìgh Bhàbiloin gun do ghlacadh a chathair aig a ceann;
Nan teas cuiridh mise cuirm romhpa, agus cuiridh mi air mhisg iad a‑chum gun dèan iad aighear, agus gun caidil iad cadal sìorraidh, agus nach dùisg iad, arsa an Tighearna.
Agus cuiridh mise air mhisg a prionnsachan, agus a daoine glice, a cinn-fheadhna, agus a h‑uachdarain, agus a daoine cumhachdach; agus caidlidh iad cadal bithbhuan, agus cha dùisg iad tuilleadh, deir an Rìgh don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh.
Air an adhbhar sin a‑nis thèid iad ann am bruid leis a’ chiad chuid a dh’fhalbhas ann am braighdeanas; agus bheirear air falbh cuirm na muinntir a bha gan sìneadh fhèin.