Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thug iad thuige na soithichean òir a thugadh à teampall taigh Dhè, a bha ann an Ierusalem; agus dh’òl an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus uile shoithichean taigh Dhè, mòr agus beag, agus ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan an rìgh agus a uachdaran, thug e leis uile do Bhàbilon.

Air an adhbhar sin mheudaich an uaigh a cìocras, agus dh’fhosgail i a beul thar tomhas; agus thèid an glòir, agus am mòr-shluagh, agus an greadhnachas, agus esan a tha ri aighear, sìos da h‑ionnsaigh.

Guth na muinntir a theich, agus a chaidh as o thìr Bhàbiloin, a dh’fhoillseachadh ann an Sion dìoghaltas an Tighearna ar Dia-ne, dìoghaltas a theampaill.

Dh’àithn Belsasar, nuair a bhlais e am fìon, na soithichean òir agus airgid a thug a athair Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem a thoirt da ionnsaigh, a‑chum gun òladh an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda.

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Dh’òl iad fìon, agus chliùthaich iad na diathan, òir agus airgid, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche.

Agus cha robh fhios aice gun tug mise dhi arbhar, agus fìon, agus ola, agus an t‑airgead a rinn mi pailt dhi, agus an t‑òr a thug iad mar thabhartas do Bhàal.

An sin caochlaidh an inntinn, agus siùbhlaidh iad air falbh, agus measar iad ciontach. Tha an neart seo aca on dia.

Ach thruaill sibhse e, le sibh a bhith ag ràdh, Tha bòrd an Tighearna truaillte; agus an tabhartas air, eadhon a bhiadh, tha e suarach.

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.

Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan