Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus seo an sgrìobhadh a bha air a sgrìobhadh, MENE, MENE, TECEL, UPHARSIN.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah,

Tha d’uabhar air a thoirt a‑nuas a‑chum na h‑uaighe, agus fuaim d’innealan-ciùil; tha a’ chnuimh air a sgaoileadh fodhad, agus is iad na cnuimheagan do chòmhdachadh.

Uime sin thig olc ort, nach bi fhios agad cia as a dh’èirich e; agus tuitidh aimhleas ort, nach bi thu comasach air a thionndadh uat; agus thig lèirsgrios ort gu h‑obann, gun thu ga mhothachadh.

Agus bheir na h‑uile chinnich gèill dhàsan, agus da mhac, agus do mhac a mhic, gus an tig àm a dhùthcha fhèin: an sin bheir iomadh cinneach agus rìghrean mòra airsan gun toir e gèill dhaibh.

An sin chuireadh a’ chuid den làimh uaithe, agus bha an sgrìobhadh seo air a sgrìobhadh.

Seo brìgh na cùise; MENE, rinn Dia do rìoghachd àireamh, agus chrìochnaich e i.

Nach èirich iadsan suas gu grad a theumas thu; agus nach dùisg iadsan a chuireas dragh ort? Agus nach bi thusa dhaibh mar chobhartach?

Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin.

Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?

Agus bheir an Tighearna mar an ceudna Israel maille riutsa thairis do làimh nam Philisteach: agus a‑màireach bidh tusa agus do mhic maille riumsa: bheir an Tighearna mar an ceudna feachd Israeil thairis do làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan