Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

Aig a bheil na làimh anam gach nì beò, agus anail gach uile fheòil dhaoine?

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

Is aithne dhomh, a Thighearna, nach eil slighe duine na chomas fhèin: chan eil e an comas duine a tha ag imeachd a cheum a stiùradh.

Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil?

Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e;

Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil.

Is ann on Tighearna a tha ceuman duine; oir cionnas a thuigeas duine a shlighe fhèin?

Nach eil e a’ faicinn mo shlighean, agus ag àireamh mo cheuman gu lèir?

Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.

Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obair làmhan duine, fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad.

Chuartaich thu mo cheum agus mo laighe sìos, agus air mo shlighean gu lèir is fiosrach thu.

Bhuail thu gun amharas Edom, agus thog do chridhe suas thu: dèan uaill à seo, agus fan aig do thaigh: oir carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut?

Gun a bhith na nuadh-chreidmheach, air eagal, air dha a bhith air atadh le uabhar, gun tuit e ann an dìteadh an diabhail.

Uime sin, mu thimcheall ithe nan nithean sin a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againne nach nì air an domhan iodhal, agus nach eil Dia sam bith eile ann ach a h‑aon.

Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean:

Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn e uaill as a àirde, agus gun do chuir e suas a bhàrr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas na àirde;

Bha do chridhe air a thogail suas led mhaise; thruaill thu do ghliocas led dhealradh: tilgidh mise gu làr thu, cuiridh mi thu an làthair rìghrean gu bhith ad bhall-amhairc dhaibh.

Led ghliocas mòr, agus led mhalairt, mheudaich thu do shaoibhreas, agus tha do chridhe air a thogail suas led bheartas.

A mhic an duine, abair ri prionnsa Thìruis, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gu bheil do chridhe air a thogail suas, agus gun dubhairt thu, Is dia mi, tha mi am shuidhe ann an cathair Dhè, ann am meadhon nan cuantan; gidheadh is duine thu, agus cha Dia, ged a chuir thu do chridhe mar chridhe Dhè.

Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:

A‑nis èiridh mi, deir an Tighearna; a‑nis àrdaichear mi; a‑nis togaidh mi suas mi fhèin.

Thèid a anail as, tillidh e ga ùir; anns an là sin fhèin thèid as da smuaintean.

Is leis an Tighearna na nèamhan, eadhon na nèamhan; ach an talamh thug e do chloinn nan daoine.

Falaichidh tu do ghnùis, bidh iad fo amhluadh; bheir thu uapa an deò, eugaidh iad, agus tillidh iad rin ùir.

Agus chruinnich tighearnan nam Philisteach iad fhèin an ceann a chèile a dh’ìobradh ìobairt mhòir dan dia Dàgon, agus a dhèanamh gàirdeachais: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis Samson ar nàmhaid dar làimh.

Agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Abram on Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn:

Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.

Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:

Agus dìolaidh mise air an t‑saoghal an droch-bheairt, agus air na h‑aingidh an euceart; agus cuiridh mi crìoch air àrdan nan uaibhreach, agus leagaidh mi sìos uaill nan uamhasach.

Is ann a thubhairt thu ann ad chridhe, Thèid mi suas a‑chum nan nèamhan, os cionn reultan Dhè àrdaichidh mi mo rìgh-chathair; agus suidhidh mi air sliabh a’ cho-chruinneachaidh, air taobh na h‑àird a tuath.

Cuir air mhisg e; a chionn gun do thog e suas e fhèin an aghaidh an Tighearna; seadh, nì Mòab e fhèin aonairt na sgeith fhèin, agus bidh e mar an ceudna na bhall-fanaid.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.

Guth na muinntir a theich, agus a chaidh as o thìr Bhàbiloin, a dh’fhoillseachadh ann an Sion dìoghaltas an Tighearna ar Dia-ne, dìoghaltas a theampaill.

Seadh, rinn i uaill aisde fhèin an aghaidh prionnsa an fheachd, agus leatha thugadh air falbh an ìobairt làitheil, agus bha àite a naomh-ionaid air a thilgeadh sìos.

Agus nuair a bheir e air falbh am mòr-shluagh, bidh a chridhe air a thogail suas, agus tilgidh e sìos deich mìltean; gidheadh cha neartaichear e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan