Daniel 5:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Dh’àithn Belsasar, nuair a bhlais e am fìon, na soithichean òir agus airgid a thug a athair Nebuchadnesar as an teampall a bha ann an Ierusalem a thoirt da ionnsaigh, a‑chum gun òladh an rìgh agus a mhòr-uaislean, a mhnathan agus a choileabaich asda. Faic an caibideil |
Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;
Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.