Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin fhreagair Daniel, agus thubhairt e an làthair an rìgh, Biodh do thìodhlacan agad fhèin, agus thoir do dhuaisean do neach eile; gidheadh leughaidh mise an sgrìobhadh don rìgh, agus leigidh mi ris a bhrìgh dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:

Agus thubhairt Elisa ri rìgh Israeil, Ciod e mo ghnothach-sa riutsa? Imich a dh’ionnsaigh fàidhean d’athar, agus a dh’ionnsaigh fàidhean do mhàthar. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Chan eadh; oir ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib.

Ach thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, an làthair a bheil mi am sheasamh, cha ghabh mi e. Agus chuir e impidh air a ghabhail, ach dhiùlt esan e.

Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe-sa maille riut, nuair a thill an duine o a charbad ad choinneamh? An àm seo a ghabhail airgid, agus a ghabhail aodaich, agus liosan-ola, agus fhìonliosan, agus chaorach, agus buair, agus òglach, agus bhanoglach?

Agus labhraidh mi air do theisteis an làthair rìghrean, agus cha bhi nàire orm.

Ach ma dh’fheuchas sibh am bruadar agus a bhrìgh, gheibh sibh uamsa tìodhlacan agus duais, agus onair mhòr: uime sin feuchaibh dhomh am bruadar agus a bhrìgh.

An sin dh’àithn Belsasar gun èideadh iad Daniel le sgàrlaid, agus gun cuireadh iad slabhraidh òir ma mhuineal, agus gun glaodhadh iad ma thimcheall gum b’e an treas fear-riaghlaidh a bhiodh anns an rìoghachd.

Ach thubhairt Peadar ris, Gu rachadh d’airgead am mugha maille riut, a chionn gun do mheas thu gum faodte tìodhlac Dhè a cheannach le airgead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan