Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala mi dod thaobh-sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.

Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall-sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar-mhìneachadh.

Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon-aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal.

An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear-riaghlaidh dheth os cionn mòr-roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin.

Ach ma dh’fheuchas sibh am bruadar agus a bhrìgh, gheibh sibh uamsa tìodhlacan agus duais, agus onair mhòr: uime sin feuchaibh dhomh am bruadar agus a bhrìgh.

An sin dh’àithn Belsasar gun èideadh iad Daniel le sgàrlaid, agus gun cuireadh iad slabhraidh òir ma mhuineal, agus gun glaodhadh iad ma thimcheall gum b’e an treas fear-riaghlaidh a bhiodh anns an rìoghachd.

Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

Agus os an cionn seo trì àrd-uachdarain (dem b’e Daniel a’ chiad aon), a‑chum gun tugadh na h‑uachdarain an cunntais dhaibh, agus nach biodh calldach air bith aig an rìgh.

Agus nuair a chunnaic Sìmon gu robh an Spiorad Naomh air a thoirt tre làmhan nan abstol a chur orra, thairg e airgead dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan