Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall-sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar-mhìneachadh.
Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh,
An sin thugadh Daniel a‑steach an làthair an rìgh; agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, An tusa an Daniel sin a tha de chloinn braighdeanas Iùdah, a thug an rìgh, m’athair, à tìr nan Iùdhach?
Agus a‑nis thugadh na daoine glice, na speuradairean, a‑steach am fhianais, a‑chum gun leughadh iad an sgrìobhadh seo, agus gun tugadh iad dhòmhsa fios air a bhrìgh: ach cha b’urrainn iad brìgh na cùise fhoillseachadh.
An sin bha Daniel seo air àrdachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad òirdheirc ann; agus bha e an aire an rìgh a chur os cionn na rìoghachd uile.