Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Do bhrìgh gun d’fhuaireadh spiorad òirdheirc, agus eòlas, agus tuigse, mìneachadh bhruadar, agus foillseachadh cheistean cruaidhe, agus fuasgladh imcheistean, anns an Daniel seo fhèin, air an tug an rìgh mar ainm Beltesasar: a‑nis biodh Daniel air a ghairm, agus foillsichidh esan a bhrìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑thaobh nan naomh a tha air thalamh agus nam flath, tha mo thlachd uile annta.

Is fheàrr am fìrean na a choimhearsnach; ach cuiridh slighe nan aingidh air seachran iad fhèin.

Caomhnaidh an tì aig a bheil eòlas a bhriathran; agus bidh fear na tuigse ciùin na spiorad.

Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat.

A‑thaobh nan ceathrar chloinne seo, thug Dia dhaibh eòlas agus tuigse anns a h‑uile fòghlam agus gliocas: agus bha tuigse aig Daniel anns na h‑uile sheallaidhean agus bhruadairean.

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, dom b’ainm Beltesasar, An urrainn thusa fios a thoirt dhomh air a’ bhruadar a chunnaic mi, agus air a bhrìgh?

An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.

Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh,

Chuala mise iomradh ort, gu bheil spiorad nan diathan annad, agus gu bheil solas, agus tuigse, agus gliocas òirdheirc air fhaotainn annad.

Agus chuala mi dod thaobh-sa gur urrainn thu brìgh a thoirt à nì, agus ceistean fhuasgladh; a‑nis mas urrainn thu an sgrìobhadh a leughadh, agus a bhrìgh fhoillseachadh dhòmhsa, èidichear thu le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir mud mhuineal, agus is tu an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

An sin bha Daniel seo air àrdachadh os cionn nan uachdaran, agus nam prionnsachan, a chionn gu robh spiorad òirdheirc ann; agus bha e an aire an rìgh a chur os cionn na rìoghachd uile.

An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann.

An nì a‑chum a bheil mise mar an ceudna a’ saothrachadh, a’ dèanamh spàirn a rèir a obrachaidh-san, a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan