Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?

An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.

Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat.

Led ghliocas, agus led thuigse, fhuair thu dhut fhèin maoin, agus fhuair thu òr agus airgead ann ad thaisgeachan.

Clann air nach robh ciurram air bith, ach a bha maiseach, agus fòghlaimte anns a h‑uile gliocas, agus fiosrach ann an eòlas, agus seòlta air ealdhain, agus a bha comasach air seasamh ann an lùchairt an rìgh, agus dom faodadh iad fòghlam agus teanga nan Caldèanach a theagasg.

Agus is nì deacair a tha an rìgh ag iarraidh, agus chan eil aon air bith eile as urrainn fheuchainn fa chomhair an rìgh, ach na diathan aig nach eil an còmhnaidh maille ri feòil.

Foillsichidh e na nithean domhain agus diamhair: is aithne dha ciod a tha anns an dorchadas, agus tha an solas a chòmhnaidh maille ris.

Am bruadar seo chunnaic mise Nebuchadnesar an rìgh: a‑nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach eil uile dhaoine glice mo rìoghachd comasach air fios a thoirt dhomh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan diathan naomha annad.

Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh.

Uime sin thug mi teann-òrdagh uile dhaoine glice Bhàbiloin a thoirt a‑steach am fhianais, a‑chum gun tugadh iad fios dhomh air brìgh a’ bhruadair.

Chuala mise iomradh ort, gu bheil spiorad nan diathan annad, agus gu bheil solas, agus tuigse, agus gliocas òirdheirc air fhaotainn annad.

Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

Agus rinn an sluagh iolach, ag ràdh, Is guth dè seo, agus cha ghuth duine.

Agus nuair a chunnaic an sluagh an nì a rinn Pòl, thog iad an guth, ag ràdh ann an cànain Licaonia, Tha na diathan air teachd a‑nuas ann an coslas dhaoine dar n‑ionnsaigh-ne.

Agus thàrladh, a’ dol dhuinne a‑chum ùrnaigh, gun do thachair oirnn banoglach àraidh aig an robh spiorad fiosachd, a thug mòr-bhuannachd da maighistirean le fiosachd a dhèanamh:

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan