Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Bheltesasair, thusa as àirde de na draoidhean, a chionn gu bheil fhios agam gu bheil spiorad nan diathan naomha annadsa, agus nach cuir diamhaireachd air bith dragh ort, innis dhomh sealladh mo bhruadair a chunnaic mi, eadhon a bhrìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?

Smaoinichidh do chridhe air uamhann. Càit a bheil an sgrìobhaiche? Càit a bheil am fear-tomhais? Càit a bheil esan a ghabh àireamh nan daingnichean?

Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut.

Air sliabh àrd Israeil suidhichidh mi i: agus togaidh i suas a geug, agus bheir i a‑mach toradh, agus fàsaidh i na seudar rìoghail: agus foidhpe gabhaidh an uile eunlaith de gach aon iteig còmhnaidh: fo dhubhar a geug nì iad còmhnaidh.

Feuch, is glice thu na Daniel; chan eil diamhaireachd sam bith falaichte uat.

Agus anns na h‑uile ghnothaichean gliocais agus tuigse a dh’fhiosraich an rìgh dhiubh, fhuair e iad deich uairean na b’fheàrr na na h‑uile dhraoidhean agus speuradairean a bha na rìoghachd uile.

Fhreagair an rìgh Daniel, agus thubhairt e, Gu fìrinneach is e ur Dia-se Dia nan diathan, agus Tighearna nan rìghrean, agus fear-foillseachaidh nithean diamhair, air dhutsa a bhith comasach an diamhaireachd seo fhoillseachadh.

An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear-riaghlaidh dheth os cionn mòr-roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin.

Am bruadar seo chunnaic mise Nebuchadnesar an rìgh: a‑nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach eil uile dhaoine glice mo rìoghachd comasach air fios a thoirt dhomh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan diathan naomha annad.

Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh.

Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh,

Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;

Mo thruaighe sinne! Cò a shaoras sinn à làimh nan diathan cumhachdach sin? Is iad sin na diathan a bhuail na h‑Eiphitich leis gach plàigh, agus a rinn nithean iongantach anns an fhàsach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan