Daniel 4:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Chunnaic mi bruadar a chuir eagal orm, agus rinn mo smuaintean air mo leabaidh, agus aislingean mo chinn mo bhuaireadh. Faic an caibideil |
An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.
Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair-sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;