Daniel 4:34Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn. Faic an caibideil |
Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.
Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis.