Agus thubhairt an Tighearna, Cha bhi mo Spiorad a’ strì ris an duine a‑ghnàth, do bhrìgh gur feòil a‑mhàin e: gidheadh bidh a làithean ceud agus fichead bliadhna.
Ghlaodh e gu h‑àrd, agus thubhairt e mar seo, Geàrr sìos an crann, agus sgath dheth a gheugan, crath dheth a dhuilleach, agus sgap a thoradh; imicheadh na beathaichean o bhith fodha, agus an eunlaith o a gheugan.
Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn.
A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
Agus measaibh gur slàinte fad-fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;