Daniel 4:26Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus mar a dh’àithn iad bun freumh a’ chroinn fhàgail, bidh do rìoghachd cinnteach dhut, an dèidh dhut fios a bhith agad gu bheil na nèamhan a’ riaghladh. Faic an caibideil |
Agus mar a chunnaic an rìgh fear-faire, agus aon naomh a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus ag ràdh, Geàrr an crann sìos, agus sgrios e; gidheadh fàg bonn a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann le beathaichean na machrach, gus an gabh seachd aimsirean thairis air:
Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis.