Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.

Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Is tusa an duine. Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Dh’ung mise thu ad rìgh os cionn Israeil, agus shaor mi thu à làimh Shauil:

Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh-se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh.

Oir is mòr do thròcair os cionn nan nèamh, agus tha d’fhìrinn gu ruig na neòil.

A Thighearna, anns na nèamhan tha do thròcair; tha d’fhìrinn gu ruig na neòil.

Rinn mise an talamh, an duine agus an t‑ainmhidh a tha air aghaidh na talmhainn, lem mhòr-chumhachd, agus lem ghàirdean sìnte a‑mach; agus cò air bith dom facas iomchaidh leam a thabhairt, dhàsan thug mi e.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thàinig fìor-eun mòr le sgiathan mòra, agus le altan làidir, làn de chlùmhach, air an robh dathan eug-samhail, gu Lebanon, agus ghabh e am meangan a b’àirde den t‑seudar.

Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.

Dh’fhàs a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h‑àirde gu nèamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile:

Aig an robh a dhuilleach maiseach, agus a thoradh pailt, agus anns an robh biadh do na h‑uile; fo an do ghabh beathaichean na machrach còmhnaidh, agus aig an robh air a gheugan àite-tàimh do eunlaith an adhair:

An ceann dà‑mhìos-deug bha e a’ spaisdearachd ann an lùchairt rìoghachd Bhàbiloin.

Anns an àm sin fhèin thill mo thuigse thugam; agus a‑thaobh glòir mo rìoghachd, thill m’onair agus mo mhòrachd thugam; agus dh’iarr mo chomhairlichean agus mo thighearnan am ionnsaigh; agus bha mi air mo dhaingneachadh ann am rìoghachd, agus thugadh tuilleadh dhomh de mhòrachd òirdheirc.

Oir thubhairt Eòin ris, Chan eil e dligheach dhut i a bhith agad.

Oir tha a peacaidhean air ruigheachd suas gu nèamh, agus chuimhnich Dia a h‑euceartan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan