Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chunnacas ceart dhòmhsa gun cuirinn an cèill na comharraidhean agus na mìorbhailean a dh’obraich an t‑àrd Dhia dom thaobh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An sin cuiridh tu fuathas orm le aislingean, agus uamhas le seallaidhean:

Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.

Tha thu a’ fiosrachadh na talmhainn, agus ga uisgeachadh; nì thu ro‑bheartach e, oir tha abhainn Dhè làn de uisge; deasaichidh tu arbhar, nuair a dh’ullaich thu e mar seo.

Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.

Agus a‑nis, nuair a tha mi sean agus liath, a Dhè, na trèig mi; gus an cuir mi an cèill do neart don àl seo, do gach àl ri teachd do chumhachd.

Agus anns an dara bliadhna de linn Nebuchadnesair, bhruadair Nebuchadnesar bruadar, leis an robh a inntinn air a buaireadh, agus dhealaich a chadal ris.

An sin thàinig Nebuchadnesar dlùth do bheul na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus labhair e, ag ràdh, A Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, òglacha an Dè as àirde, thigibh a‑mach, agus thigibh an seo. An sin thàinig Sadrach, Mesach, agus Abed-nego a‑mach à meadhon an teine.

Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine.

Seo a’ bhrìgh, O rìgh, agus seo òrdagh an Tì as àirde, a tha air teachd air mo thighearna an rìgh:

Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.

Agus an ceann nan làithean thog mise Nebuchadnesar suas mo shùilean ri nèamh, agus thill mo thuigse am ionnsaigh, agus bheannaich mi an Tì as àirde, agus chliùthaich mi, agus thug mi onair dhàsan a tha beò gu sìorraidh, aig a bheil a uachdaranachd na h‑uachdaranachd shìorraidh, agus a rìoghachd o linn gu linn.

O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

Saoraidh esan, agus tèarnaidh e, agus obraichidh e comharraidhean agus mìorbhailean air nèamh agus air talamh, neach a shaor Daniel o chumhachd nan leòmhann.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

An sin thubhairt Iosa ris, Mura faic sibh comharraidhean agus mìorbhailean, cha chreid sibh.

Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan