Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Am bruadar seo chunnaic mise Nebuchadnesar an rìgh: a‑nis, O Bheltesasair, foillsich thusa a bhrìgh, a chionn nach eil uile dhaoine glice mo rìoghachd comasach air fios a thoirt dhomh air a bhrìgh: ach tha thusa comasach, oir tha spiorad nan diathan naomha annad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iòseph ris, Is e seo a h‑eadar-mhìneachadh: Na trì meanglain, is trì làithean iad:

Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall-sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar-mhìneachadh.

Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.

Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.

Agus anns na h‑uile ghnothaichean gliocais agus tuigse a dh’fhiosraich an rìgh dhiubh, fhuair e iad deich uairean na b’fheàrr na na h‑uile dhraoidhean agus speuradairean a bha na rìoghachd uile.

Agus càit air bith a bheil clann nan daoine a’ gabhail còmhnaidh, beathaichean na machrach, agus eunlaith an adhair, thug e dod làimh-sa, agus rinn e uachdaran dhìot os an cionn uile: is tusa an ceann seo de òr.

Fhreagair iadsan a‑rìs, agus thubhairt iad, Innseadh an rìgh da sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.

Agus a‑nis thugadh na daoine glice, na speuradairean, a‑steach am fhianais, a‑chum gun leughadh iad an sgrìobhadh seo, agus gun tugadh iad dhòmhsa fios air a bhrìgh: ach cha b’urrainn iad brìgh na cùise fhoillseachadh.

An sin thàinig uile dhaoine glice an rìgh a‑steach; ach cha b’urrainn iad an sgrìobhadh a leughadh, no fios a thoirt don rìgh air a bhrìgh.

Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn-diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan