Daniel 4:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Atharraichear a chridhe o bhith na chridhe duine, agus thugar dha cridhe ainmhidh; agus gabhadh seachd aimsirean thairis air. Faic an caibideil |
Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile.
Agus mar a chunnaic an rìgh fear-faire, agus aon naomh a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus ag ràdh, Geàrr an crann sìos, agus sgrios e; gidheadh fàg bonn a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann le beathaichean na machrach, gus an gabh seachd aimsirean thairis air:
Gum fògair iad thu o dhaoine, agus gum bi do chòmhnaidh le beathaichean na machrach, agus bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus fliuchaidh iad thu le dealt nèimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.