Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ghlaodh e gu h‑àrd, agus thubhairt e mar seo, Geàrr sìos an crann, agus sgath dheth a gheugan, crath dheth a dhuilleach, agus sgap a thoradh; imicheadh na beathaichean o bhith fodha, agus an eunlaith o a gheugan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Dìochuimhnichidh a’ bhrù e; biadhaidh a’ chnuimh gu milis air; nas mò cha chuimhnichear e; agus brisear aingidheachd mar chrann.

Rinn mise an talamh, an duine agus an t‑ainmhidh a tha air aghaidh na talmhainn, lem mhòr-chumhachd, agus lem ghàirdean sìnte a‑mach; agus cò air bith dom facas iomchaidh leam a thabhairt, dhàsan thug mi e.

Teichibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus sàbhaladh gach neach a anam, mun gearrar as sibh na h‑aingidheachd; oir is i seo aimsir dìoghaltas an Tighearna; ìocaidh e luigheachd dhi.

B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn e uaill as a àirde, agus gun do chuir e suas a bhàrr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas na àirde;

Agus atharraichidh e na h‑àmannan, agus na h‑aimsirean: atharraichidh e rìghrean, agus cuiridh e suas rìghrean: bheir e gliocas don ghlic, agus eòlas dhaibhsan don aithne tuigse.

An sin ghlaodh fear-èighich gu h‑àrd, Dhuibhse tha e air àithneadh, O shluaigh, fhineachan, agus a theangannan,

Bha a duilleach maiseach, agus a toradh pailt, agus innte bha biadh airson nan uile: bha aig beathaichean na machrach sgàil foidhpe, agus ghabh eunlaith an adhair còmhnaidh na geugan, agus bheathaicheadh gach uile fheòil uaipe.

Agus mar a chunnaic an rìgh fear-faire, agus aon naomh a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus ag ràdh, Geàrr an crann sìos, agus sgrios e; gidheadh fàg bonn a fhreumh anns an talamh, eadhon le boinn iarainn agus umha, ann am feur maoth na faiche; agus biodh e fliuch le dealt nèimh, agus a chuibhreann le beathaichean na machrach, gus an gabh seachd aimsirean thairis air:

An ceann dà‑mhìos-deug bha e a’ spaisdearachd ann an lùchairt rìoghachd Bhàbiloin.

Ach nuair a bha a chridhe air a thogail suas, agus a inntinn air a cruadhachadh ann an uabhar, chuireadh sìos o a chathair rìoghail e, agus thug iad a ghlòir uaithe.

Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis.

Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.

Gach uile chraobh nach giùlain toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.

Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.

Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan