Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’fhàs a’ chraobh, agus bha i làidir, agus ràinig a h‑àirde gu nèamh, agus a sealladh gu crìch na talmhainn uile:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Agus gheàrr coimhich, a’ chuid as uamhasaiche de na cinnich, a‑mach e, agus dh’fhàg iad e: air na slèibhtean, agus anns na gleanntan uile, thuit a gheugan, agus tha a mheangain air am briseadh anns gach uile cheàrnaidh den talamh; agus dh’imich uile shluagh an domhain sìos o a sgàil, agus thrèig iad e.

Uime sin dh’èirich a àirde suas os cionn uile chraobhan na machrach, agus bha a mheanganan lìonmhor, agus dh’fhàs a gheugan fada, le lìonmhorachd nan uisgeachan, nuair a sgaoil e a‑mach.

Agus thusa, a Chapernàum, a tha air do thogail suas gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annadsa air an dèanamh ann an Sòdom, dh’fhan e gun a sgrios gus an‑diugh.

Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan