Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 4:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nebuchadnesar an rìgh a‑chum nan uile shluagh, fhineachan agus theangannan a tha a chòmhnaidh air an talamh uile: Gum meudaichear sìth dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne.

Chuir an rìgh freagradh gu Rehum an t‑àrd-chomhairliche, agus Simsai an sgrìobhaiche, agus a’ chuid eile den cuideachd a bha a chòmhnaidh ann an Samaria, agus a’ chuid eile an taobh thall den abhainn, Sìth, agus aig a leithid seo de àm.

Chuir iad litir da ionnsaigh anns an robh sgrìobhte mar seo: Gu Darius an rìgh, gach uile shìochaint.

Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain.

Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo.

An sin ghlaodh fear-èighich gu h‑àrd, Dhuibhse tha e air àithneadh, O shluaigh, fhineachan, agus a theangannan,

An sin sgrìobh Darius a‑chum nan uile shluagh, chinneach agus chànainean a tha a chòmhnaidh air an talamh uile, Gu robh sìth air a meudachadh dhuibh.

Saoraidh esan, agus tèarnaidh e, agus obraichidh e comharraidhean agus mìorbhailean air nèamh agus air talamh, neach a shaor Daniel o chumhachd nan leòmhann.

Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

A‑nis, nuair a sgaoileadh an t‑iomradh seo, thàinig an sluagh an ceann a chèile, agus bha iad fo amhluadh, do bhrìgh gun cuala gach aon iad a’ labhairt nan cànain fhèin.

A‑chum nan uile a tha anns an Ròimh, air an gràdhachadh le Dia, air an gairm nan naoimh: Gràs gu robh dhuibhse, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Iosa Crìosd.

A‑chum Thimòteuis, m’fhìor mhac anns a’ chreideamh: gràs, tròcair, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus o Iosa Crìosd ar Tighearna.

A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan