Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair iad, agus thubhairt iad ris an rìgh Nebuchadnesar, O rìgh, mair beò gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin chrom Batsèba sìos le a h‑aghaidh gu làr, agus rinn i ùmhlachd don rìgh agus thubhairt i, Maireadh mo thighearna rìgh Daibhidh gu bràth.

An sin labhair na Caldèanaich ris an rìgh anns a’ chànain Shirianaich, O rìgh, mair beò gu bràth: innis dod sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.

A‑nis thàinig a’ bhànrighinn airson briathran an rìgh agus a thighearnan a‑steach gu taigh na cuirme; agus labhair a’ bhànrighinn ag ràdh, O rìgh mair beò gu bràth: na dèanadh do smuaintean do bhuaireadh, agus na biodh do ghnùis air a caochladh.

An sin thubhairt Daniel, O rìgh mair beò gu bràth.

An sin chruinnich na h‑uachdarain agus na prionnsachan seo ri chèile a‑chum an rìgh, agus thubhairt iad ris mar seo, A rìgh Dhariuis, mair beò gu bràth.

Air an adhbhar sin thugaibh do na h‑uile an dlighe fhèin: càin dhàsan don dlighear càin, cìs dhàsan don dlighear cìs, eagal dhàsan don dlighear eagal, agus urram dhàsan don dlighear urram.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan