Daniel 3:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin anns an àm sin, nuair a chuala an sluagh uile fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus gach uile sheòrsa ciùil, thuit an sluagh uile, na fineachan, agus na teangannan, sìos, agus thug iad adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas. Faic an caibideil |
Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.