Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cò air bith nach tuit sìos, agus nach dèan adhradh, tilgear e anns an uair sin fhèin ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Agus den chuid eile dheth nì e dia, eadhon dealbh snaidhte dha fhèin; cromaidh e sìos dha, agus bheir e adhradh dha; agus nì e ùrnaigh ris, agus their e, Teasairg mi, oir is tu mo dhia.

Agus uapasan togar suas mallachadh le uile bhraighdean Iùdah a tha ann am Bàbilon, ag ràdh, Gun dèanadh an Tighearna thu cosmhail ri Sedeciah, agus cosmhail ri Ahab, a ròst rìgh Bhàbiloin anns an teine.

Fhreagair an rìgh agus thubhairt e ris na Caldèanaich, Tha an nì air dol as m’aire; mura toir sibhse fios dhomh air a’ bhruadar le a bhrìgh, gearrar sibh nur bloighdean, agus nìthear ur taighean nan dùn aolaich.

Agus cò air bith nach sleuchd agus nach dèan adhradh, gum biodh e air a thilgeadh ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?

An sin cheangladh na daoine seo nan còtaichean, nan triubhasan, agus nan ceann-aodaichean, agus nan aodaichean eile, agus thilgeadh iad ann am meadhon na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

Uime sin anns an àm sin, nuair a chuala an sluagh uile fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus gach uile sheòrsa ciùil, thuit an sluagh uile, na fineachan, agus na teangannan, sìos, agus thug iad adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas.

Agus airson na mòrachd a thug e dha, bha crith agus eagal air na h‑uile shlòigh, fhineachan, agus theangannan roimhe: mharbhadh e an tì a b’àill leis, agus an neach a b’àill leis chumadh e beò, agus an neach a b’àill leis chuireadh e suas, agus an neach a b’àill leis chuireadh e sìos.

Ghabh uile uachdarain na rìoghachd, an luchd-riaghlaidh, agus na prionnsachan, na comhairlichean agus na cinn-fheadhna, comhairle le chèile gu reachd rìoghail a dhaingneachadh, agus òrdagh làidir a dhèanamh, ge bè a dh’iarras athchuinge air bith air aon dia no duine rè deich-làithean-fichead, ach ortsa, O rìgh, gun tilgear e ann an garaidh nan leòmhann.

Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn air dearg-lasadh: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn theinntich: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Agus thubhairt e ris, Iad seo uile bheir mise dhut, ma thuiteas tu sìos agus ma nì thu adhradh dhòmhsa.

Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear-millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan;

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan