Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ciod air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gun tuit sibh sìos, agus gun toir sibh adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Is airgead agus òr an iodhalan-san, obair làmhan dhaoine!

An sin thuit an rìgh Nebuchadnesar air a aghaidh, agus thug e urram do Dhaniel, agus dh’àithn e gun tugadh iad dha tabhartas agus boltrach cùbhraidh.

Thug thusa, O rìgh, òrdagh gun dèanadh gach aon a chluinneadh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, sleuchdadh agus adhradh don ìomhaigh òir:

A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?

Uime sin anns an àm sin, nuair a chuala an sluagh uile fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus gach uile sheòrsa ciùil, thuit an sluagh uile, na fineachan, agus na teangannan, sìos, agus thug iad adhradh don ìomhaigh òir a chuir an rìgh Nebuchadnesar suas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan