Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’àrdaich an rìgh Sadrach, Mesach, agus Abed-nego ann am mòr-roinn Bhàbiloin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

An sin dh’iarr Daniel air an rìgh, agus chuir e Sadrach, Mesach, agus Abed-nego os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, ach shuidh Daniel ann an geata an rìgh.

Rinn Nebuchadnesar an rìgh ìomhaigh òir, a bha trì-fichead làmh-choille air àirde, agus sia làmhan-coille air leud: chuir e suas i ann am machair Dhura, ann am mòr-roinn Bhàbiloin.

Tha Iùdhaich àraidh, a chuir thu os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego; cha tug na daoine seo, O rìgh, meas ortsa, chan eil iad a’ dèanamh seirbhis dod dhiathan no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir thu suas.

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan