Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin bha na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn air an cruinneachadh ri chèile, a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas; agus sheas iad fa chomhair na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin chuir Nebuchadnesar an rìgh fios a‑chum gun cruinnichte ri chèile na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, agus na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn, gu teachd a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas.

Agus chunnaic na prionnsachan, na h‑uachdarain, agus na cinn-fheadhna, agus comhairlichean an rìgh, a bha cruinn an ceann a chèile, na daoine seo, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an cuirp, cha mhò a bha fuiltean den ceann dàithte, no an còtaichean air an caochladh, no fàile an teine dhiubh.

An sin ghlaodh fear-èighich gu h‑àrd, Dhuibhse tha e air àithneadh, O shluaigh, fhineachan, agus a theangannan,

Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè.

Tha aca seo aon inntinn, agus bheir iad an neart agus an cumhachd don fhiadh-bheathach.

Oir chuir Dia nan cridhe a thoil a choileanadh, agus a bhith a dh’aon chomhairle, agus an rìoghachd a thoirt don fhiadh-bheathach, gus an coileanar briathran Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan