Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
An sin ghlac iad Ieremiah, agus thilg iad e ann an sloc Mhalchiah mhic Hameleich, a bha ann an cùirt a’ phrìosain; agus leig iad sìos Ieremiah le cùird. Agus anns an t‑sloc cha robh uisge sam bith, ach clàbar: agus chaidh Ieremiah fodha anns a’ chlàbar.
Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.
An sin bha an rìgh Nebuchadnesar làn uamhainn, agus dh’èirich e suas ann an deifir, agus labhair e, agus thubhairt e ra chomhairlichean, Nach do thilg sinn triùir dhaoine ceangailte do mheadhon an teine? Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris an rìgh, Is fìor, O rìgh.
A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.