Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an adhbhar sin, a chionn gu robh àithne an rìgh ro‑theann, agus an àmhainn ro‑theth, mharbh lasair an teine na daoine sin a thog suas Sadrach, Mesach, agus Abed-nego.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e, agus fhuair e a chorp tilgte air an t‑slighe, agus an asal agus an leòmhann nan seasamh làimh ris a’ chorp: cha d’ith an leòmhann an corp; cha mhò a reub e an asal.

Agus thug na h‑Eiphitich dian-sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir.

Saorar am fìrean o theinn; ach thig an droch dhuine na àite.

Na èirig airson an fhìrein bidh an t‑aingidh, agus airson nan ionraic an duine fealltach.

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

Fhreagair e agus thubhairt e ri Arioch, ceann-fheadhna an rìgh, Carson a tha an t‑òrdagh cho dian on rìgh? An sin dh’innis Arioch a’ chùis do Dhaniel.

Agus dh’àithn an rìgh, agus thug iad leo na daoine sin a rinn casaid air Daniel, agus thilg iad iad do gharaidh nan leòmhann, iad fhèin, an clann, agus am mnathan; agus thug na leòmhainn buaidh orra, agus bhris iad an cnàmhan uile nam bloighdean, mun do ràinig iad ìochdar na garaidh.

Agus air tilgeadh uaithe nam bonn airgid anns an teampall, dh’imich e roimhe, agus chaidh e agus chroch e e fhèin.

Agus nuair a dh’iarr Herod e, agus nach d’fhuair e e, cheasnaich e an luchd-coimhead, agus dh’òrdaich e an toirt air falbh a‑chum peanais. Agus chaidh e sìos o Iudèa gu Cesarèa, agus rinn e còmhnaidh an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan