Daniel 3:21Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin cheangladh na daoine seo nan còtaichean, nan triubhasan, agus nan ceann-aodaichean, agus nan aodaichean eile, agus thilgeadh iad ann am meadhon na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich. Faic an caibideil |
Agus chunnaic na prionnsachan, na h‑uachdarain, agus na cinn-fheadhna, agus comhairlichean an rìgh, a bha cruinn an ceann a chèile, na daoine seo, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an cuirp, cha mhò a bha fuiltean den ceann dàithte, no an còtaichean air an caochladh, no fàile an teine dhiubh.