Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àithn e do na daoine a bu treasa na fheachd Sadrach, Mesach, agus Abed-nego a cheangal, agus a thilgeadh don àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?

An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh.

An sin cheangladh na daoine seo nan còtaichean, nan triubhasan, agus nan ceann-aodaichean, agus nan aodaichean eile, agus thilgeadh iad ann am meadhon na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

Agus an dèidh dhaibh iomadh buille a leagadh orra, thilg iad ann am prìosan iad, a’ toirt sparraidh do fhear-coimhead a’ phrìosain an gleidheadh gu tèarainte;

Agus mu mheadhon-oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh-mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan