Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chuir Nebuchadnesar an rìgh fios a‑chum gun cruinnichte ri chèile na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, agus na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn, gu teachd a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Ierobòam fèill anns an ochdamh mìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos, cosmhail ris an fhèill a bha ann an Iùdah, agus dh’ìobair e air an altair: mar sin rinn e ann am Betel, ag ìobradh do na laoigh a rinn e: agus shuidhich e ann am Betel sagartan nan àitean àrda a rinn e.

Ma dh’èisdeas uachdaran ri breugan, bidh a sheirbhisich uile aingidh.

Agus chunnaic na prionnsachan, na h‑uachdarain, agus na cinn-fheadhna, agus comhairlichean an rìgh, a bha cruinn an ceann a chèile, na daoine seo, nach robh cumhachd air bith aig an teine air an cuirp, cha mhò a bha fuiltean den ceann dàithte, no an còtaichean air an caochladh, no fàile an teine dhiubh.

An sin bha na prionnsachan, na fir-riaghlaidh, na cinn-fheadhna, na britheamhan, luchd-coimhead an ionmhais, na comhairlichean, na fir-lagha, agus uile luchd-riaghlaidh nam mòr-roinn air an cruinneachadh ri chèile, a‑chum coisrigeadh na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar an rìgh suas; agus sheas iad fa chomhair na h‑ìomhaigh a chuir Nebuchadnesar suas.

Agus ghairm iad an sluagh gu ìobairtean an diathan: agus dh’ith an sluagh, agus chrom iad sìos dan diathan.

Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Agus chruinnich tighearnan nam Philisteach iad fhèin an ceann a chèile a dh’ìobradh ìobairt mhòir dan dia Dàgon, agus a dhèanamh gàirdeachais: oir thubhairt iad, Thug ar dia thairis Samson ar nàmhaid dar làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan