Daniel 3:17Am Bìoball Gàidhlig 1992Mas ann mar sin a bhios, tha ar Dia-ne, dom bheil sinn a’ toirt seirbhis, comasach air ar saoradh on àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus nì e ar saoradh as do làimh-sa, O rìgh. Faic an caibideil |
Air an là‑an‑diugh bheir an Tighearna thairis thu dom làimh-sa, agus buailidh mi thu, agus buinidh mi dhìot do cheann, agus bheir mi closaichean feachd nam Philisteach air an là‑an‑diugh do eunlaith an adhair, agus do fhiadh-bheathaichean na talmhainn; a‑chum gum bi fhios aig an talamh uile gu bheil Dia ann an Israel.