Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e riu, A bheil seo fìor, O Shadraich, a Mhesaich, agus Abed-nego, nach eil sibhse a’ toirt seirbhis dom dhiathan-sa, no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir mi suas?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Tha Bel a’ cromadh sìos, Nebo a’ crùbadh; bha an iodhalan air na beathaichean agus air na h‑ainmhidhean; tha ur n‑eallaichean trom, nan cudthrom don ainmhidh airtnealach.

Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan.

Rinn Nebuchadnesar an rìgh ìomhaigh òir, a bha trì-fichead làmh-choille air àirde, agus sia làmhan-coille air leud: chuir e suas i ann am machair Dhura, ann am mòr-roinn Bhàbiloin.

Ach mu dheireadh thàinig Daniel a‑steach am làthair (dom b’ainm Beltesasar, a rèir ainm mo dhè-sa, agus anns a bheil spiorad nan diathan naomha), agus na làthair-san dh’innis mi am bruadar, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan