Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’àithn Nebuchadnesar, na fheirg agus na chorraich, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, a thoirt da ionnsaigh: an sin thug iad na daoine seo an làthair an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Ach air Càin agus air a thabhartas cha robh meas aige. Agus bha Càin fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis.

Tachradh math-ghamhainn air call a cuileanan air duine nas luaithe na amadan na amaideachd.

Is trom clach, agus is cudthromach a’ ghaineamh; ach is truime corraich amadain na iad le chèile.

Dùisgidh duine feargach aimhreit, agus bidh fear na corraich pailt ann an easaontas.

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

Air an adhbhar seo bha an rìgh ann am feirg, agus ann an teas-chorraich, agus dh’àithn e uile dhaoine glice Bhàbiloin a mhilleadh.

An sin bha Nebuchadnesar làn corraich, agus bha dreach a ghnùise air caochladh an aghaidh Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego; labhair agus dh’àithn e gun teasaicheadh iad an àmhainn seachd uairean na bu mhò na bu ghnàth leo a teasachadh.

Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth-sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich.

Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon-sa, mar fhianais dhaibhsan.

Ach ro na nithean seo uile, cuiridh iad làmh annaibhse, agus geur-leanaidh iad sibh, gur tabhairt thairis do choitheanail, agus do phrìosanan, gur tabhairt a‑chum rìghrean agus uachdaran air sgàth m’ainme-sa.

Agus lìonadh iadsan le cuthach; agus labhair iad ri chèile, ciod a dhèanadh iad ri Iosa.

Agus an dèidh làithean àraidh, nuair a thàinig Felics maille ra mhnaoi Drusilla, a bha na ban-Iùdhaich, chuir e fios air Pòl, agus dh’èisd e ris mu thimcheall a’ chreidimh ann an Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan