Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 3:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha Iùdhaich àraidh, a chuir thu os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, Sadrach, Mesach, agus Abed-nego; cha tug na daoine seo, O rìgh, meas ortsa, chan eil iad a’ dèanamh seirbhis dod dhiathan no a’ toirt adhraidh don ìomhaigh òir a chuir thu suas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr-roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang.

Is an‑iochdmhor corraich, agus mar thuil tha fearg: ach cò as urrainn seasamh am fianais tnù?

A‑rìs, dh’amhairc mi air gach uile shaothair agus gach uile obair cheirt, gur fàth farmaid do dhuine o a choimhearsnach i. Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus buaireadh spioraid.

Don tug uachdaran nan caillteanach ainmean: oir thug e air Daniel mar ainm Beltesasar; agus air Hananiah Sadrach; agus air Misael Mesach; agus air Asariah Abed-nego.

An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear-riaghlaidh dheth os cionn mòr-roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin.

An sin dh’iarr Daniel air an rìgh, agus chuir e Sadrach, Mesach, agus Abed-nego os cionn gnothaichean mòr-roinn Bhàbiloin, ach shuidh Daniel ann an geata an rìgh.

Agus cò air bith nach sleuchd agus nach dèan adhradh, gum biodh e air a thilgeadh ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich.

Fhreagair Sadrach, Mesach, agus Abed-nego, agus thubhairt iad ris an rìgh, O Nebuchadnesair, chan eil suim againne freagradh a thoirt dhut anns a’ chùis seo.

Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo.

An sin dh’àrdaich an rìgh Sadrach, Mesach, agus Abed-nego ann am mòr-roinn Bhàbiloin.

An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an làthair an rìgh, Daniel sin a tha de chloinn bruid Iùdah, chan eil suim aige dhìotsa, O rìgh, no den reachd a sheulaich thu, ach tha e ri athchuinge trì uairean anns an là.

An sin bha an rìgh, nuair a chuala e na briathran, ro‑dhiombach dheth fhèin, agus shuidhich e a chridhe air Daniel ga shaoradh: agus shaothraich e gu dol fodha na grèine a‑chum a thèarnadh.

Don tug Iàson aoidheachd: agus tha iad seo uile a’ cur an aghaidh òrdagh Chèasair, ag ràdh gu bheil rìgh eile ann, eadhon Iosa.

Ag ràdh, Nach tug sinne geur-òrdagh dhuibh gun teagasg a dhèanamh anns an ainm seo? Agus, feuch, lìon sibh Ierusalem le ur teagasg, agus is àill leibh fuil an duine seo a tharraing oirnne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan