Daniel 3:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Thug thusa, O rìgh, òrdagh gun dèanadh gach aon a chluinneadh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, sleuchdadh agus adhradh don ìomhaigh òir: Faic an caibideil |
A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?
An sin thàinig iad am fagas, agus labhair iad ann am fianais an rìgh mu thimcheall òrdagh an rìgh, Nach do sheulaich thusa reachd, gach duine sam bith a nì athchuinge ri aon dia no duine, an taobh a‑staigh de dheich-làithean-fichead, ach riutsa, O rìgh, gun tilgear ann an garaidh nan leòmhann e? Fhreagair an rìgh, agus thubhairt e, Tha an nì fìor a rèir reachd nam Mèdach agus nam Persach, nach atharraichear.