Daniel 2:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach mura toir sibh fios dhomh air a’ bhruadar, chan eil ach an aon bhreith dhuibh: oir dh’ullaich sibh briathran breugach agus truaillidh gu an labhairt am làthair-sa, gu atharrachadh na h‑aimsir: uime sin innsibh dhomh am bruadar, agus aithnichidh mi gur urrainn sibh a bhrìgh fheuchainn dhomh. Faic an caibideil |
Tha fhios aig seirbhisich an rìgh uile, agus aig sluagh mòr-roinnean an rìgh, ge bè air bith fear no bean a thèid a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don chùirt as fhaide a‑staigh, air nach goirear, gu bheil aon lagh aige a chur gu bàs, ach a‑mhàin esan don sìn an rìgh a‑mach a shlat-òir rìoghail, a‑chum gum bi e beò; ach cha do ghoireadh ormsa teachd a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh na deich-là‑fichead seo.
A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?