Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fhreagair iadsan a‑rìs, agus thubhairt iad, Innseadh an rìgh da sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra.

An sin labhair na Caldèanaich ris an rìgh anns a’ chànain Shirianaich, O rìgh, mair beò gu bràth: innis dod sheirbhisich am bruadar, agus feuchaidh sinne a bhrìgh.

Fhreagair an rìgh agus thubhairt e, Tha fhios agam gu deimhinn gum b’àill leibh ùine fhaotainn, a chionn gu bheil sibh a’ faicinn gu bheil an nì air dol as m’aire.

Ach mura toir sibh fios dhomh air a’ bhruadar, chan eil ach an aon bhreith dhuibh: oir dh’ullaich sibh briathran breugach agus truaillidh gu an labhairt am làthair-sa, gu atharrachadh na h‑aimsir: uime sin innsibh dhomh am bruadar, agus aithnichidh mi gur urrainn sibh a bhrìgh fheuchainn dhomh.

An sin thàinig a‑steach na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean: agus dh’innis mi am bruadar nan làthair; ach cha tug iad fios dhomh air a bhrìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan