Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ma dh’fheuchas sibh am bruadar agus a bhrìgh, gheibh sibh uamsa tìodhlacan agus duais, agus onair mhòr: uime sin feuchaibh dhomh am bruadar agus a bhrìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

An sin rinn an rìgh duine mòr de Dhaniel, agus thug e dha mòran thìodhlacan luachmhor, agus rinn e fear-riaghlaidh dheth os cionn mòr-roinn Bhàbiloin uile, agus ceannard air na h‑uachdarain os cionn uile dhaoine glice Bhàbiloin.

An sin dh’àithn Belsasar gun èideadh iad Daniel le sgàrlaid, agus gun cuireadh iad slabhraidh òir ma mhuineal, agus gun glaodhadh iad ma thimcheall gum b’e an treas fear-riaghlaidh a bhiodh anns an rìoghachd.

Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.

Oir àrdaichidh mi thu gu inbhe ro‑mhòir, agus ge bè a their thu rium, nì mi e: thig uime sin, guidheam ort, mallaich dhomh an sluagh seo.

Agus thubhairt Balac ri Balàam, Nach do chuir mise gu cinnteach fios ad ionnsaigh gud ghairm? Carson nach tàinig thu am ionnsaigh? Nach eil mise gu deimhinn comasach air d’àrdachadh gu inbhe?

Agus dh’imich seanairean Mhòaib agus seanairean Mhidiain, le duais na draoidheachd nan làimh; agus thàinig iad gu Balàam, agus dh’innis iad dha briathran Bhalaic.

Uime sin teich a‑nis dod àite fhèin: shaoil mi d’àrdachadh gu inbhe mhòir, ach, feuch, chùm an Tighearna air d’ais thu o inbhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan