Daniel 2:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Fhreagair an rìgh agus thubhairt e ris na Caldèanaich, Tha an nì air dol as m’aire; mura toir sibhse fios dhomh air a’ bhruadar le a bhrìgh, gearrar sibh nur bloighdean, agus nìthear ur taighean nan dùn aolaich. Faic an caibideil |
Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo.