Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ann ad dhèidh-sa èiridh rìoghachd eile, nas lugha na thusa, agus treas rìoghachd eile de umha, aig am bi uachdaranachd os cionn an domhain uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

A their mu Chìrus, Is e mo bhuachaille; agus coileanaidh e m’uile thoil, ag ràdh ri Ierusalem, Togar thu; agus ris an teampall, Leagar do bhunait.

An sin thubhairt e, A bheil fhios agad carson a thàinig mi ad ionnsaigh? Agus a‑nis tillidh mi gu cogadh ri prionnsa Phersia: agus nuair a thèid mise a‑mach, feuch, thig prionnsa na Grèige.

Bha ceann na h‑ìomhaigh seo de òr fìnealta, a h‑uchd agus a làmhan de airgead, a brù agus a slèisdean de umha;

Agus càit air bith a bheil clann nan daoine a’ gabhail còmhnaidh, beathaichean na machrach, agus eunlaith an adhair, thug e dod làimh-sa, agus rinn e uachdaran dhìot os an cionn uile: is tusa an ceann seo de òr.

Agus bidh an ceathramh rìoghachd làidir mar iarann: amhail a bhriseas iarann ann am bloighdean, agus a chlaoidheas e na h‑uile nithean: agus amhail iarann a bhriseas iad seo uile, brisidh i ann am bloighdean, agus bruthaidh.

Mar seo thubhairt e, Is e an ceathramh beathach an ceathramh rìoghachd a bhios air an talamh, a bhios eug-samhail o gach uile rìoghachd, agus a shluigeas suas an talamh uile, agus a shaltras sìos e, agus a bhriseas e na bhloighdean.

An reithe a chunnaic thu, aig an robh dà adhairc, is iad sin rìghrean Mhedia agus Phersia.

Agus a’ ghobhar ribeach is e sin rìgh na Grèige; agus an adharc mhòr a tha eadar a shùilean, is e sin a’ chiad rìgh.

Agus ris an treas carbad eich gheala, agus ris a’ cheathramh carbad eich bhalla-dhearg.

Thèid na h‑eich dhubha a tha ann a‑mach don tìr mu thuath, agus thèid na h‑eich gheala a‑mach nan dèidh; agus thèid na h‑eich bhalla-dhearg a‑mach ris an tìr mu dheas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan