Chunnaic thu gus an robh clach air a gearradh a‑mach gun làmhan, a bhuail an ìomhaigh air a casan a bha de iarann, agus de chriadh, agus a bhris nam bloighdean iad.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.
Cruinnichibh ri chèile, a chinneacha, agus brisear sibh nur bloighdean: èisdibh, sibhse uile a tha anns na dùthchannan fad as; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean; crioslaichibh sibh fhèin, agus brisear sibh nur bloighdean.
Na dhèidh sin thomhais e mìle; agus bha e na shruth nach b’urrainn mi dol thairis air: oir bha na h‑uisgeachan air èirigh, uisgeachan airson snàmh annta, abhainn nach faodte dol troimhpe.
Agus bheirear an rìoghachd agus an uachdaranachd, agus mòrachd na rìoghachd fo nèamh uile, do mhuinntir naomh an Tì as ro‑àirde, aig a bheil a rìoghachd na rìoghachd shìorraidh, agus bheir na h‑uile thighearnais ùmhlachd agus gèill dha.
Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe.
Agus anns an là sin nì mi Ierusalem na cloich chudthromaich do na slòigh uile; na h‑uile a ghabhas i mar uallach orra fhèin, gearrar iad nam bloighdean: agus na h‑aghaidh bidh uile chinnich an domhain air an cruinneachadh ri chèile.
An sin fhreagair e agus labhair e rium, ag ràdh, Is e seo facal an Tighearna ri Serubabel, ag ràdh, Chan ann le neart, no le cumhachd, ach lem spiorad-sa, deir Tighearna nan sluagh.
Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.
Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:
Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.
Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.