Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha ceann na h‑ìomhaigh seo de òr fìnealta, a h‑uchd agus a làmhan de airgead, a brù agus a slèisdean de umha;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Gun tog thu an fhàistneachd seo an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus their thu, Cionnas a sguir am fear-sàrachaidh! Cionnas a sguir ise a bha sgeadaichte le òr!

Bu chupan òir Bàbilon ann an làimh an Tighearna, a chuir air mhisg an talamh uile: de a fhìon dh’òl na cinnich, uime sin tha na cinnich air bhoile.

A luirgnean de iarann, a casan, cuid de iarann, agus cuid de chriadh.

Is tusa sin, O rìgh, a tha air fàs agus air cinntinn làidir: oir tha do mheud air fàs, agus a’ ruigheachd gu nèamh, agus d’uachdaranachd gu crìch na talmhainn.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

PERES, roinneadh do rìoghachd, agus thugadh i do na Mèdaich agus do na Persaich.

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan