Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thug Arioch a‑steach Daniel ann am fianais an rìgh gu luath, agus thubhairt e mar seo ris, Fhuair mi duine de bhraighdean Iùdah, a bheir fios don rìgh air an t‑seadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e Iòseph, agus thug iad le cabhaig a‑mach as an t‑sloc e: agus bheàrr e e fhèin agus mhùth e a aodach, agus thàinig e a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh.

Is iad seo clann na mòr-roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis, agus a thill gu Ierusalem agus gu Iùdah, gach fear da bhaile fhèin:

Ma dhearmadas tu iadsan a thèarnadh a thàirngear a‑chum bàis, agus iadsan a tha ullamh gu bhith air am marbhadh;

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

A‑nis am measg na muinntir seo bha de chloinn Iùdah, Daniel, Hananiah, Misael, agus Asariah;

An sin thugadh Daniel a‑steach an làthair an rìgh; agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri Daniel, An tusa an Daniel sin a tha de chloinn braighdeanas Iùdah, a thug an rìgh, m’athair, à tìr nan Iùdhach?

An sin fhreagair iadsan, agus thubhairt iad ann an làthair an rìgh, Daniel sin a tha de chloinn bruid Iùdah, chan eil suim aige dhìotsa, O rìgh, no den reachd a sheulaich thu, ach tha e ri athchuinge trì uairean anns an là.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan