Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin.
Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.
Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.
Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor-sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù.
Mòr ann an comhairle, agus cumhachdach ann an gnìomh (oir tha do shùilean fosgailte air uile shlighean clann nan daoine, a thoirt do gach aon a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a ghnìomharan);
Ag ràdh le guth àrd, Is airidh an t‑Uan a chaidh a mharbhadh, air cumhachd, agus saoibhreas, agus gliocas, agus neart, agus urram, agus glòir, agus moladh fhaotainn.