Daniel 2:2Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd-fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh. Faic an caibideil |
Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear-riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.