Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Daniel 2:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gun iarradh iad tròcair air Dia nèimh mu thimcheall na diamhaireachd seo; a‑chum nach bàsaicheadh Daniel agus a chompanaich leis a’ chuid eile de dhaoine glice Bhàbiloin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Mas e is gum bi còignear a dh’uireasbhaidh air an lethcheud ionracan, an sgrios thu am baile uile airson easbhaidh chòignear? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e ma gheibh mi an sin còig agus dà‑fhichead.

O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh.

Glaodh riumsa, agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhut nithean mòra agus cumhachdach, air nach eil thu eòlach.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud.

Tha mi a’ toirt buidheachais agus cliù dhut, O thusa, a Dhia m’athraichean, a thug dhomh gliocas agus cumhachd, agus a thug fios dhuinn a‑nis air an nì a dh’iarr sinn ort: oir thug thu fios dhuinn a‑nis air gnothach an rìgh.

Mas ann mar sin a bhios, tha ar Dia-ne, dom bheil sinn a’ toirt seirbhis, comasach air ar saoradh on àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus nì e ar saoradh as do làimh-sa, O rìgh.

Agus mar a dh’àithn iad bun freumh a’ chroinn fhàgail, bidh do rìoghachd cinnteach dhut, an dèidh dhut fios a bhith agad gu bheil na nèamhan a’ riaghladh.

Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram.

An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.

Ciod as barail dhuibhse? Ma bhios aig duine ceud caora, agus gun tèid aon dhiubh air seachran, nach fàg e na naoi-caoraich-dheug agus ceithir-fichead air na beanntan, agus nach tèid e a dh’iarraidh na caorach a chaidh air seachran?

A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair-sa a tha air nèamh.

Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.

A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;

Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:

Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearna a shaor mise à màg an leòmhainn, agus à màg a’ mhath-ghamhainn, saoraidh esan mi à làimh an Philistich seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan